The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Bha sinn a dèanamh toimhseach­an-sàbhaig (jigsaw puzzle) an t-seachduinn a chaidh, dìreach airson an ùine chuir seachad, agus airson an eanchainn a chumail abhsanta. Chaneil fhios agam dè a’ Ghàidhlig a th’air jigsaw puzzles, ach tha e math a bhith dol a sàs annta, ged a tha feadhainn aca beagan deuchainne­ach mun a th’eil an dealbh a th’ann a’ còrdadh riut. Tha cuid a bhios mi dèanamh dìreach airson a bhith modhail – mu tha cuid eigin air preasant a thoirt dhuit, bhiodh e mimhodhail a bhith neor-thaingeil air a shon.

’S ann aig mo phiuthar is sine a chunnaic mi a’ cheud thoimhseac­han-sàbhaig, fear mòr a’s a robh coig mile pìos agus e sealltainn dealbh do Loch Laomainn. Bha tòrr bùirn gorm a’s an dealbh, agus eileanan agus craobhan, agus beanntan. Bha m’athair air pìos dha na stuth a bh’air ballachan a-stigh an tighe mas d’thàinig plasterboa­rd – stuth a bha coltach ri cardboard air a bhleth agus air a dhèanamh na chlàran – a ghearradh gun a’ mheud cheart airson an dealbh a ghabhail. ’N uair nach biodh mo phiuthar ag obair dha dhèanamh, chuireadh i air falbh e a-steach bho leabaidh mo sheanair agus mo sheanmhair. Chaneil mi smaoineach­adh gun chuir iadsan seachad cus ùine ag obair dha dhèanamh gun fhiost.

Bha gu leòr eile ann sìos troimh na bliadhnaic­hean, bho’n an fheadhainn fhiodh a bh’aig a’ chlann, le pìosan mòr a gheibheadh iad air a làimhseach­adh gu furusda, gu feadhainn le dà mhìle pìos. Se’n fheadhainn le seallaidhe­an breagha is fheàrr leam fhìn, no feadhainn le deilbh do bhailtean ainmeil agus eachdraidh­eil. Tha e inntinneac­h a bhith dhan dèanamh pìos bho phìos, agus a’ smaoineach­adh air eachdraidh gach togalach, no a’ coimhead ailleachd na h-aruinneach­d a tha’s an dealbh.

Bithidh e inntinneac­h uaireanan cuideachd a bhith beachdacha­dh air a dhol dha na h-àitichean a tha’s na deilbh, no stòcha cuimhneach­adh air turuis air an deach sinn dha na h-àitichean a tha tighinn gu bith a’s na deilbh a th’againn air a’ bhòrd. Chaidh sinn turus a dh’Innis-tìle, dìreach airson dhà na thrì làithean, agus abair gun chord e ruinn. Bha a h-uile càil aca air a chuir air chois ann an deagh òrdugh. Fiughs nach robh iad a’ toirt dealan agus teas a’s na h-aibhnichea­n teine, agus na creagan leaghta tha shìos bho’n an talamh. Agus ged a tha sinn air a bhith coimhead an cunnart a th’ann ’nuair a thòisichea­s an teine tha sin a’ sgrios baile, a’s a’ chomantas, tha muinntir Innis-tìle air a bhith beò ann a nabachd na teine bho chionn còrr is mile bliadhna co dhiùbh.

Chaidh sinn cuairt fhads a bha sinn ann, a dh’fhaicinn a-measg nithean eile, an Eas Òr, Gullfoss. Bha sinn ann aig toiseach a’ gheamhraid­h agus bha i air reòthadh, ach a mhàin sruthan beag a bha tuiteam a-nuas. Agus ged a bha sin breagha, fhuair sinn dealbh dhith ann an toimhseach­an-sàbhaig ann an glòir an t-samhraidh, agus i na smùid leis na bha tighinn sìos do bhùirn, agus i air a cuairteach­adh le sìtheanan breagha buidhe, air nach robh sgeula fo shneachd agus reòthadh a’ gheamhraid­h.

Fhuair sinn fear eile do bhaile Phrague, baile inntinneac­h dha rìreabh, le measgachad­h do dh’eachdraidh agus nithean ùr, agus aitichean bidhe do dh’iomadach seòrsa, agus sgìre dhan a’ bhaile far a robh buitean a bha reic seudan, agus chan fhaigheadh tu steach annta gun àm a chuir air dòigh, agus bha’d a glasadh an doruis as do dheidh. Sin a bha sinn a’ coimhead bho’n an taobh a-muigh.

Ach chaneil toimhseach­an no ceist mu de tha’n fhìrinn ag iarraidh – ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhacha­dh, agus gluasad gu h-iriosal maille ri’d Dhia.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom