Beachd Ailein
“Tha coltas math air a’ bhuntàta am-bliadhna!” Nach b’ eòlach sinn uile air abairtean den t-seòrsa sin mun bhuntàta, agus mu iomadach planntrais eile. Bha sinn cuideachd glè eòlach air duan eile nach robh idir cho subhach, deireadh foghair, is daoine ag ràdh nach “robh ann ach am bàrr”, is nach do choilean e a ghealladh! Sin beagan den dùbhlan a tha daonnan an lùib obair-cuir is buain aig ìre bheag is mòr, agus tha an fheadhainn a tha ris an obair air fàs leagte ri mar a thachras cùisean.
Tha ar saoghal làitheil air a riaghladh le eòlaichean de gach seòrsa a bhios a’ fàidheadaireachd air na tha iad am beachd a thachras agus tha saoghal ionmhais, gnìomhachais, agus poilitigs fo bhuaidh nam beachdan sin, agus gu ìre tha “lèirsinn” nan daoine sin a’ riaghladh ghluasadan an t-saoghail nas motha na ceannardan riaghlaidh! Gun teagamh sam bith ’s math ionnsachadh bho eachdraidh agus cha bu chòir cùl a chur ri beachdan glice, ach mar a thuirt Àrd-Ollamh Eaconamachd uaireigin a thaobh staitistearachd, tha e feumail gus barrachd soillse a thoirt air trioblaid seach a cheartachadh! Ach tha naidheachdan an t-saoghail a’ dearbhadh dhuinn gach latha mar a tha mìltean de dh’eòlaichean foghlamaichte a’ dèanamh deagh chosnadh à bhith a’ breithneachadh air na tha romhainn. Feumar aideachadh gum bheil cuid den bhreithneachadh sin air tighinn air adhart gu mòr, ged nach biodh ann ach an ìre gum bheil teicneòlas air fios mun aimsir a leasachadh gu ìre ’s nach eil adhbhar aig na bodaich is na cailleachan (sinne!) a bhith tuilleadh a’ càineadh “aimsir na wireless” mar a bha!
Ach saoilidh mise gur còir do ro-aithrisiche onarach aideachadh gum bheil tomhas de thuiteamas anns an ìre gun tig na tha e neo i a’ fàisneachd gu buil, car mar a tha an croitear agus toradh a chuid bàrr. Bha seann Ghàidheil a’ tuigsinn sin na b’ fheàrr na tha sinne nuair a chruthaich iadsan an seanfhacal “na àireamh a chaoidh an t-iasg gus an tig e às a’ mhuir!”. Tha truaighe Covid 19 a’ bagairt sluagh an t-saoghail ann an caochladh dhòighean, eadar slàinte agus gu h-eaconamach, agus tha beachdan glè dhraghail a’ nochdadh air na dh’fhaodadh sin ciallachadh dhuinn uile a thaobh dìth chosnaidhean is eile. Nach bu mhath gum biodh na h-eòlaichean sin dìreach fiù ’s rud beag ceàrr agus nach biodh an trioblaid a’ leantainn cho fada gun bhacadh maireannach, agus cuideachd gun tigeadh a’ mhòr-shluagh às an deuchainn seo nas glice, agus nas càirdeile dha chèile, na bha iad roimhe.
“Gum ann a ghonar am fiosaiche, mun tig an fhiosachd fìor!”