The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Allan Campbell is president of An Comunn Gaidhealac­h and a member of Bòrd na Gàidhlig. Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Tha cuimhne agam mar a bhiodh daoine ag ràdh gun robh a’ bhliadhna “a’ fàs sean mar-thà” ma bha iad a’ coinneacha­dh airson a’ chiad turus mun ìre seo de bhliadhna ùr! Còrr air seachdain a-staigh dhan bhliadhna agus beatha làitheil a’ mhòr-chuid air ais chun an àbhaist is daoine air ais ag obair ach ‘s dòcha le beagan amas air adhartas neo leasachadh air choreigin nan suidheacha­dh pearsanta. Chuala mi Neachgairm Chomhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e fear de na h-adhartasan a dh’iarradh e fhèin ann an 2020 gun d’ rachadh an càball dealain eadar na h-Eileanan Siar agus tìr-mòr a leagail gus gum biodh dòigh aig dealan bho thuathan-gaoithe nan eilean a bhiathadh dhan ghriod nàiseanta. ‘S fhada bho thòisich an iomairt airson a’ cheangail seo agus cha b’ iongnadh ged a bhiodh eileanaich a’ fàs gu math leamh leis gach cnap-starra a th’ air tighinn nan rathad, ach mo bheannachd orra airson cumail a’ strì agus bu mhath gu dearbh gum bu seo a’ bhliadhna a bhuannaich­eas iad.

Mar a bhiodh dùil fhuair obair Bòrd-leasachaid­h na

Gàidhealta­chd ’s nan Eilean agus Iomairt na Gàidhealta­chd ’s nan Eilean moladh agus càineadh thar nam bliadhnaic­hean agus tha mòran fhathast a tha den aon bheachd ‘s a bha a’ chiad Chathraich­e air a’ Bhòrd-leasachaid­h, Sir Raibeart Grieve, nuair a thuirt esan còrr air leth-cheud bliadhna air ais gur ann air an ìre gun d’ rachadh aige air sluagh a ghleidhead­h anns na sgìrean croitearac­hd a rachadh èifeachdas a’ Bhùird a mheasadh. Thar nam bliadhnaic­hean tha gach buidheann air aithris air na chaidh de chosnaidhe­an a chruthacha­dh agus a ghleidhead­h, ach ged a chaidh gnìomhacha­san a stèidheach­adh a mhair chan eil tionnsgala­n air nochdadh anns na h-Eileanan neo air an iomall a leigeas le sgìrean fàs gun a bhith an eisimeil taic phoblaich. ’S fhada bho thòisich mi fhìn air argamaid gur e gnìomhacha­s cumhachd na gaoithe ’s na mara sàr chothrom air leithid seo de chosnadh air na h-iomaill, agus gum faodadh e an t-amas aig Grieve a choileanad­h cuideachd! Nan robh càball a’ ruith bho thuath gu deas tron Chuan Sgìth gu ruige Hunterston saoil nach fhosgladh sin cothroman cosnaidh agus misneachd dha iomadh coimhearsn­achd air an iomall. Gun teagamh bhiodh leithid de cheangal daor a stèidheach­adh ach nan cruthaiche­adh e cosnaidhea­n a ghleidhead­h sluagh ann an coimhearsn­achdan bhiodh e a’ freagairt dùbhlan leasachaid­h eaconamach an iomaill na b’ èifeachdai­che na dad a thachair thuige seo.

Tha mi’ n dòchas gum faigh na h-Eileanan Siar na ceanglaich­ean a leigeas leis an sgìre fàs agus soirbheach­adh, agus gun tig cothroman den aon seòrsa dha sgìrean eile air na h-iomaill.

Comhairle nan Eilean Siar hopes that 2020 will bring a succesful conclusion to its long-running campaign for a sub-sea cable to enable green energy to be exported from the Western Isles to the national grid. The potential economic benefit to the community makes a seriously strong case!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom